Chwilio ffurf

Ecsodus 33

1Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi i:

2Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

3A dh’ionnsaigh fearainn a tha a’ sruthadh le bainne agus mil: oir cha tèid mi suas ad mheasg, oir is sluagh rag-mhuinealach thu, air eagal gun claoidh mi thu anns an t‑slighe.

4Agus nuair a chuala an sluagh an droch sgeul seo, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine sam bith air a bhrèaghachd.

5Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh.

6Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb.

7Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.

8Agus nuair a chaidh Maois a‑mach don phàillean, dh’èirich an sluagh gu lèir suas, agus sheas gach duine aig doras a bhùtha, agus dh’amhairc iad an dèidh Mhaois, gus an deachaidh e a‑steach don phàillean.

9Agus nuair a chaidh Maois a‑steach don phàillean, thàinig am meall neòil a‑nuas, agus sheas e aig doras a’ phàillein, agus labhair an Tighearna ri Maois.

10Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.

11Agus labhair an Tighearna ri Maois aghaidh ri aghaidh, mar a labhras duine ra charaid. Agus thill e a‑rìs don champ; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nuin, duine òg, a‑mach as a’ phàillean.

12Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

13A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

14Agus thubhairt e, Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhut.

15Agus thubhairt e ris, Mura tèid do làthaireachd maille rinn, na toir suas sinn à seo:

16Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn.

17Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.

18Agus thubhairt esan, Foillsich dhomh, guidheam ort, do ghlòir.

19Agus thubhairt e, Bheir mi air mo mhaitheas uile dol seachad ad làthair, agus gairmidh mi ainm an TIGHEARNA ad fhianais; agus bidh mi gràsmhor dhàsan dom bi mi gràsmhor, agus nochdaidh mi tròcair dhàsan don nochd mi tròcair.

20Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh-sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò.

21Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air carraig:

22Agus nuair a bhios mo ghlòir a’ dol seachad, an sin cuiridh mi thu ann an sgoltadh den charraig, agus còmhdaichidh mi lem làimh thu gus an tèid mi seachad.

23Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chì thu mo chùlaibh: ach chan fhaicear m’aghaidh.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index